Till innehållet
eBook Charts
SE
AN TÀILLEAR À GLOUCESTER

AN TÀILLEAR À GLOUCESTER

Beatrix Potter

39,00 kr

Köp på Amazon Visa i Apple Books

Hellre på papper? Alla format hos Amazon →

Pris i Apple Books. Priset på Amazon kan skilja sig.

Utgiven
Genrer
Främmande språkUppslagsböcker

Beskrivning

Bha meas mòr aig BEATRIX POTTER air a bhith muigh air an tuath agus 's e an rud a b' annasaiche dhe h-òigridh ann an linn Bhictòria gun do chuir i seachad cuid mhòr dhe tìde ag ionnsachadh mu ainmhidhean agus a’ tarraing dhealbhan dhiubh. ’S e an gaol a bha aice air saoghal nàdair a ghluais i gu na leabhraichean beaga ainmeil aice a chruthachadh. Bhrosnaich e i gu h-àraid gun do chuir i seachad na deich bliadhna fichead mu dheireadh dhe beatha ann an Sgìre nan Loch ann an ceann a tuath Shasainn ag obair còmhla ris an Urras Nàiseanta mar thuathanach agus mar neach-gleidhidh àrainneachd.

Thuirt i gur e An Tàillear à Gloucester an leabhar leatha a b' fheàrr leatha fhèin. Bha e stèidhte air sgeulachd fhìor mu thàillear a dh’fhàg pìosan còta, a bha gun fhuaigheal, anns a' bhùth aige. Chaidh crìoch a chur air a' chòta tron oidhche. B' e am preantas aige a chuidich an tàillear sin ach, ann an sgeulachd Beatrix Potter, b' e luchainn bheaga dhonna gu math sgileil a chuidich e.